A’ Choinneamh Bhliadhnail – Litir

   A’ Choinneamh Bhliadhnail

 

 

Gu: Ballrachd CLAS                                                                          Dàmhar 2012

A Chàirdean choir

A thuilleadh air an fhiosrachadh a chaidh  thugaibh na bu tràithe air a’ mhìos, gheibhear a-nise an luib na litreach seo na paipearan foirmeil airson Coinneamh Bhliadhnail CLAS a thèid a chumail ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Samhain aig 8 uairean feasgar.

Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean dìreach mar a tha iad air a bhith thairis air an naoi  bliadhna o chaidh an stèidheachadh . Anns an ùine sin tha gnè na h-obrach aca air atharrachadh a rèir feumlachdan luchd-teagaisg agus foghlam na Gàidhlig. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh sibh tighinn chun na coinneimh airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt. Mar a tha fios agaibh ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!

Seach gu bheil CLAS daonnan a’ coimhead airson innleachdan ùra a chuidicheas a’ bhallrachd, thèid goireas ùr a chur air bhog aig a’ Choinneimh Bhliadhnail a bhios sonraichte feumail do thidsearan Gàidhlig agus a dhaingnicheas na ceanglaichean eatarra.  Bidh e math ur beachdan air a’ ghoireas seo fhaighinn air an oidhche gus an tèid an obair anns a bheil sinn uile an sàs, a neartachadh.

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

Leis gach deagh dhùrachd

Màiri Ellen Stìubhairt

Rùnaire CLAS

Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: