Naidheachdan bho Àrd-Sgoil Mhalaig

Thàinig na naidheachdan seo bho Fiona NicAonghais aig Àrd-Sgoil Mhalaig.  Tha e math cluinntinn na tha tachairt ann am Malaig.  Ma tha càil inntinneach a’ tachairt san sgoil agaibh fhèin cuiribh fios thugainn!

 

Duais Iain Muir 2013Iain Muir Mallaig

Am-bliadhna, choinnich sianar bho Àrd Sgoil Mhalaig ann an Gleann Uige – còmhla ri feadhan eile bho sgìre Loch Abair – airson pàirt a ghabhail anns an dàrna ìre de Dhuais Iain Muir (Duais Rannsaiche). Bha sinn a’ dèanamh diofar rudan mar a’ cur camaran-gleidhchte a-mach airson beathaichean fhaicinn san àrainneachd, a’ sgioblachadh an t- àite iomallach agus chuir sinn taisbeanadh ri chèile airson àr eòlas ùr a’ roinn gu daoine eile sa choimhearsnachd. Chaidh sinn air tachartas-còmhnaidh air an Eilean Tiriodh airson na sgoilearan bho sgirean eile a choinneachadh – cha robh sinn air tachart ri chèile roimhe seo (ged a bha sinn ag obair air an aon phrògram) – agus cuideachd airson an eòlas againn a’ roinn tro na sgìrean eile agus a’ faighinn a-mach dè bha iadsan air a dhèanamh. Air an 14mh den t-Ogmhìos bha pìos mun Duais air am prògram BBC Alba “An Là” agus bha daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn dè bha iad a’ dèanamh sa bhliadhna seo aig Eilean Thiriodh ’s cuideachd air dè bha a’ tachairt gach seachdain anns a’ choimhearsnachd aca. Bha a h-uile rud sgoinneil, ach bha an traon (leis am fuam àrd agus àraidh) a’ cumail na balaich anns na teantaichean nan duisg fad na h-oidhche!

This year, six Gàidhlig pupils met from Mallaig High School in Glenuig – along with others from Lochaber – to take part in the second year of the John Muir Award (Explorer Award). We did many things including putting camera-traps out to see animals in the wild, tidying up the environment and also, we put together a presentation to share our knowledge to others in the community. We went on a residential trip to the Isle of Tiree to meet pupils from other districts who were also participating in the Award and to find out about what they have been doing. On the 14th of June our trip was shown on the BBC Alba programme “An Là” and pupils were speaking about what activities they had taken part in whilst on Tiree and also about what they have been doing each week in their own communities. Everything on the trip was excellent, apart from the corncrake – with its loud and unique sound – who kept the boys (sleeping in tents) awake all night!

Niamh Henderson, Nathan Ritchie agus Matthew Bird

Duaisean GhàidhligComann lunnainn

Choisinn Jennifer Nic a’ Phì agus Callan MacBheatha,  duaisean-urrais agus airgead bho Chomunn Gàidhlig Lunnainn airson farpais bruidhinn. ‘S e seo an dàrna bliadhna a tha iad air buannachadh le Jennifer a’ faighinn airidheachd a-rithist agus Callan a’ dèanamh nas fheàrr buileach le bhith a’ faighinn a’ chiad àite airson an roinn aigesan. Bha iad ri chèile gu math airidh air seo, gu h-àraidh leis gu robh iad an aghaidh tòrr sgoilearan eile bho choimhearsnachdan Ghàidhlig. ‘S math a rinn iad agus na sgoilearan Gàidhlig eile a ghabh pàirt.

Jennifer MacPhee and Callan MacBeth were recently awarded certificates and prize money for a speaking competition held by the Gaelic Society of London. This is the second consecutive year they have both won with Jennifer receiving another merit award and Callan progressing even further by getting a joint first in his category. They both thoroughly deserved their prizes particularly since they were in competition against pupils from Gàidhlig speaking communities. Well done to them both and to all the other Gàidhlig pupils who participated.

 

 

 

 

Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: