Duais Foghlam Gàidhlig, Duaisean Foghlam na h-Alba

Tha Duaisean Foghlam na h-Alba a’ toirt aithne do dh’àitean-ionnsachaidha tha air càileachd foghlaim beothail agus adhartach a leasachadh agus air suidheachadh ùr-ghnàthach, leantainneach a chruthachadh.
Bu chòir do chultar agus feallsanachd an àite-ionnsachaidha bhith a’ brosnachadh urram, miann air adhartas agus coileanadh agus aig an aon àm a bhith ag amas air a bhith a’ lùghdachadh neo-ionannachd ann am builean foghlaim.
A bheil thu eòlach air àite-ionnsachaidh a tha a rèir an aithris a tha seo agus is urrainn na ceistean a tha gu h-ìosal a fhreagairt ann an dòigh mhionaideach?   Ma tha, nach cuir thu e air adhart airson Duais FoghlamGàidhlig?
  • Dè na dòighean anns a bheil feallsanachd an àite-ionnsachaidh agad a’ leasachadh mothachadh air cànan is cultar na Gàidhlig agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga a bhith gu mòr an sàs ann?
  • Dè an dòigh anns a bheil coileanaidhean pearsanta a tha co-cheangailte ris air an aithneachadh?
  • Ciamar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn taic ann a bhith a’ leasachadh tuigse air cànan, dualchas agus cultar na Gàidhlig?
  • Ciamar a tha an t-àite-ionnsachaidh agad ag obair gu h-èifeachdach le buidhnean Gàidhlig no coimhearsnachdan Gàidhlig?
  • Ciamar a tha coimhearsnachd an àite-ionnsachaidh agad a’ co-roinn ionnsachadh le pàrantan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd?
  • Ciamar a tha an t-àite-ionnsachaidh a’ fighe na Gàidhlig a-steach ann an rianachd dhreuchdail gu brìghmhor do dhaoine òga, a’ cur cudrom air an comas a thaobh sgilean cosnaidh?
  • Dè na cothroman a tha ann airson gnìomhan iomairt co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig?
  • Dè a’ bhuaidh a tha aig a bhith a’ leasachadh mothachadh air a’ Ghàidhlig air clann agus daoine òga, coimhearsnachd na sgoile air fad agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd?
  • Ciamar a tha an t-àite-ionnsachaidh air na h-eòlasan agus na builean agus an t-ionnsachadh eadar-chuspaireil a chleachdadh gus mothachadh air a’ Ghàidhlig a leasachadh san àite-ionnsachaidh agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd?
Dè na dòighean anns an tug an com-pàirteachas seo buaidh air:
  • clann agus daoine òga
  • a’ choimhearsnachd-sgoile air fad
  • a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd
Cothrom do roghainn a chur air adhart gu Dihaoine 21 Gearran 2014
CUIR DO ROGHAINN AIR ADHART AN-DIUGH AIG www.scottisheducationawards.org.uk
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic don duais seo.
Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: