Feum air neach-teagaisg airson cùrsa

Fiosrachadh bho Mairead NicEacharna:

Tha mi a’ sgríobhadh as leth CLDRG. Ní sin tréanadh do luchd-teagaisg chlasaichean-oidhche 5 láithean sa bhliadhna. ‘Son an ath chlas tha sinn airson latha a dhéanamh air sgilean teagaisg agus tha mi a’ rúrach cuideigin freagarrach airson an tréanadh a thoirt seachad.

‘S e am plana – tréanadh sa mhadainn, oileanaich gun Gháidhlig a thoirt a-staigh feasgar gus an déan na luchd-teagaisg seórsa “crit lesson”. Bidh sinn ag amas air daoine gun eólas sam bith air teagasg, ach a tha air tighinn tro chlasaichean agus a bhios deónach a smaointinn air teagasg (clasaichean-oidhche) ma gheibh iad taic. Cuideachd ’s dócha gum biodh fileantaich ann a tha air a bhith a’ teagasg ach gun tréanadh.

Bidh an tréanadh air Disathairne 6 Sultain ann an Glaschu (venue tbc), eadar 10m – 4f, páigheadh an latha £250+cosgaisean siubhail. Mar as ábhaist bidh eadar 6 – 12 anns gach clas. Bidh ar clasaichean déante tro mheadhan na Gáidhlig, ach on nach bi na luchd-teagaisg daonnan cho fileanta sin feumaidh rud beag Beurla a bhith ann a-nis ’s a-rithist. A bheil beachd agad air cuideigin a ní an clas? Bhithinn nad chomain ’son beachd sam bith.  Mairead NicEacharna.  Post-d: gaelicinislay@yahoo.com

Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: