Co-labhairt Foghlam Alba

Fiosrachadh mu Cho-labhairt Foghlam Alba:

 

A’ Comharrachadh 30 bliadhna de Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Thàinig luchd-obrach agus daoine òga bho sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean bho air feadh Alba còmhla ann an Inbhir Nis an-diugh (9 Ògmhios 2015) gus 30 bliadhna de Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh.  Thug co-labhairt a chuireadh air adhart le Foghlam Alba, fìor dheagh chothrom airson seo a chomharrachadh agus dòigh air co-roinn a dhèanamh air a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a chaidh a foillseachadh le Foghlam Alba o chionn ghoirid.

 

Tha a’ Chomhairle a chaidh a foillseachadh le Foghlam Alba sa Ghearran am bliadhna, a’ toirt taic do luchd-gnìomh agus do dh’ùghdarrasan ionadail a thaobh a bhith a’ measadh agus a’ planadh a thaobh leasachaidh ann am Foghlam Gàidhlig.  Tha a’ chomhairle stèidhichte air fianais bho sgrùdaidhean, lèirmheasan agus fèin-mheasadh a tha air a dhearbhadh, a’ dèiligeadh ris gach raon de Fhoghlam Gàidhlig; agus dleastanasan eile le raon fharsaing de luchd-ùidh thar an ama 2012-14.  Tha e a’ toirt taic do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 le bhith a’ toirt stiùireadh mun dòigh san urrainn do fhèin-fhiosrachaidhean de dh’àrd-chàileachd a bhith air an coileanadh ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

 

Bha am Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, An t-Oll Alasdair Allan an làthair aig a’ cho-labhairt agus thug e seachad a’ phrìomh òraid.  Thuirt an t-Oll Allan,

 

“Tha sinn a’ comharrachadh 30 bliadhna de Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, fior dheagh eisimpleir soirbheachail air ionnsachadh cànain ann an Alba.  Tha uaill mhòr againn ann an seo agus bu mhath leam taing a thoirt airson na h-obrach agus na strì a rinn ar tidsearan ann a bhith a’ coileanadh nan nithean soirbheachail seo.

 

“Tha a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a’ toirt sealladh soilleir gus cuideachadh a bhith a’ coileanadh ionnsachadh agus teagasg Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd a bhios a’ toirt taic ann a bhith ag adhartachadh amas an Riaghaltais a bhith ag àrdachadh coileanadh.  Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil Foghlam Alba cuideachd a’ toirt comhairle mu Fhoghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus mar as urrainn do sgoiltean seo a ghabhail a-steach ann an Ionnsachadh Cànain Modh-obrach 1 + 2.

 

“Tha mòran nithean an lùib na Gàidhlig agus tha i a’ riochdachadh tòrr a bharrachd seach cànan. Tha i na pàirt de ar dualchas a tha còrr air 1500 bliadhna a dh’aois agus na h-earrann chudromach de dh’Alba san là an-diugh.  Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach mu bhith a’ tilleadh àireamh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig chun na h-ìre aig an robh i ann an cunntas-sluaigh 2001 agus tha foghlam deatamach a thaobh an amais seo. Tha e air leth cudromach gum bi ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a’ leantainn orra a’ co-obrachadh gus an ath ghinealach de luchd-cleachdaidh a’ chànain a chruthachadh, agus gus cumadh cudromach a thoirt air an àm ri teachd a thaobh na Gàidhlig ann an Alba.”

 

Thuirt Graeme Logan, Stiùiriche Ro-innleachdail Foghlam Alba “Tha Foghlam Alba dealasach mu bhith ag obair ann an com-pàirteachas le luchd-ùidh gus a bhith a’ coileanadh solair de dh’àrd-chàileachd airson Foghlam Gàidhlig. Cleachdaidh sinn a’ Chomhairle ann an sgrùdaidhean, ann a bhith a’ toirt taic do chonaltradh proifeiseanta agus ionnsachadh an uair a bhios sinn an sàs le luchd-gnìomh; agus mar chlàr-gnothaich an lùib conaltradh le com-pàirtichean.”

 

Chuala a’ cho-labhairt cuideachd bhon Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair, CBE a thug seachad a’ phrìomh òraid mun dreuchd aige mar bhall neo-eisimeileach na RA air Comataidh Eòlaichean Cairt Eòrpach nan Cànain Roinneil no Mion-chànain (Comex).  Cho-roinn Mgr MacÌomhair modhan-obrach bho dhùthchannan eile gus dearbhadh gu bheil sealladh lèirsinneach agus eadar-nàiseanta aig Gàidhlig na h-Alba.  Bha cothrom aig luchd-frithealaidh cuideachd a bhith a’ co-roinn nan cleachdaidhean as fheàrr bho air feadh na dùthcha, a bhith a’ cluinntinn bho sgoilearan a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san àm a chaidh seachad, a cho-roinn na fèin-fhiosrachaidhean aca fhèin agus a rinn molaidhean airson tuilleadh leasachadh leantainneach, agus fhuarar cothrom ceòl a chluinntinn bho Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, Àrd-sgoil a’ Phluic, Roinn na Gàidhealtachd.

 

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Kelly.Crichton@educationscotland.gsi.gov.uk no 07931167858.

 

AN DEIREADH

 

Notaichean:

  1. Tha Riaghaltas na h-Alba ag adhartachadh Bile Foghlam (Alba) 2015 tro Phàrlamaid na h-Alba. Fhuair an luchd-frithealaidh an cothrom conaltradh ann an doimhneachd a chumail ris na h-oifigearan poileasaidh mun t-solair a thaobh na Gàidhlig.
  2. Leanar air adhart ag adhartachadh agus a’ cur ris a’ Chomhairle thar ùine.
  3. Leanaidh Foghlam Alba a’ cur fiosrachadh mun Ghàidhlig air Parentzone gus am bi pàrantan cuideachd mothachail air na dh’fhaodas iad a bhith a’ sùileachadh bho Fhoghlam Gàidhlig.
Advertisements

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: