Category Archives: A’ Choinneamh Bhliadhnail

Naidheachdan bho ChLAS 10/2016

Naidheachdan bho Chomann Luchd-Teagaisg Luchd-Teagais

Aithisg Bhliadhnail a’ Chathraiche 2016clas

Feasgar math dhuibh uile agus fàilte gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean. Tha sinn air leth toilichte a bhith aig an Alltan a-rithist airson coinneachadh agus bu chaomh leam taing a thoirt gu Stòrlann airson an cuid fialaidheachd ann a bhith a’ cur rum air doigh dhuinn.
Tha sinn air a bhith an sàs gu soirbheachail ann an iomadh rud a-rithist am bliadhna. Tha an co-fharpais sgriobhaidh againn a’ dol bho neart gu neart le meudachadh anns an àireamh de sgoilearan a tha a’ gabhail pàirt.

Tha tidsearan air a bhith an sàs anns an sgeama treòrachaidh againn a-rithist am bliadhna, agus tha sinn air beachdan thidsearan a thogail gu làidir agus gu tric.

Chosg sinn latha as t-samhradh a’ cruthachadh fiolm gus CLAS a shanasachadh. Aig an aon àm fhuair sinn fhìn beagan a bharrachd eòlas air fiolmadh agus tha sinn an dòchas taic a thoirt do thidsearan no do sgoiltean eile, ann a bhith a’ dèanamh filmichean iad fhèin a bhiodh nan goireasan do thidsearan.

Bha CLAS air an riochdachadh aig coinneamh airson an e-sgoil ùr a tha gus fosgladh agus tha seo mar chomharra air cho taiceil sa tha CLAS a thaobh beachdan thidsearan.

Bu chaomh leam togail a-nochd air cho taiceil sa tha muinntir a’ chomataidh air a bhith tron bhliadhna mu dheireadh agus dha rìreabh tro iomadach bliadhna a chaidh seachad. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil CLAS air a ruith le tidsearan, airson tidsearan gus ar guthan a dhèanamh nas eifeachdaich. As aonais tidsearan a tha deònach pàirt a ghabhail, bhiodh an obair fada nas duilghe. Tha dithis on chomataidh ris a bheil mi airson taing sònraichte a thoirt seachad a-nochd air sgàths gu bheil iad a’ tighinn bhon a’ chomataidh am bliadhna. Tha Dòmhnall MacLeòid air a bhith ag obair leinn airson 4 bliadhna agus tha e air a bhith air leth taiceil anns an ùine sin le bheachdan, le ghliocais agus leis an eòlas teicneòlach aige. Ghabh e thairis am blog againn agus tha sin a-nis aig ìre far a bheil e na ghoireas agus na mheadhan buileach taiceil dhuinn. A-thuilleadh air Dòmhnall, tha mi airson taing sònraichte a thoirt do Steven Greumach a tha air a bhith na Ionmhasair air a’ chomataidh airson iomadh bliadhna thrang. Chan e Gàidhlig a bha Steven a’ teagasg aig a’ cheann thall ach Maths, ach bha obair a’ chomataidh air còrdadh ris a leithid ‘s gun do lean e air adhart leinn, gar cumail ceart agus a’ cumail suil air na sgillinnean fad bhliadhnaichean. ‘S e Steven a chur am blog againn air bhog anns a’ chiad àite mus do ghabh Dòmhnall ris. Tha iomadh sgil agus tàlant aig Steven a bhios sinn ag ionndrainn gu mòr nuair a dh’fhàgas e. Mar sin, tha mi airson taing oifigeil a thoirt dha Steven agus do Dhomhnaill a-nochd airson an obair a rinn iad còmhla rinn agus bidh sinn a’ guidhe a h-uile soirbheas dhan dithis aca anns na bliadhnaichean fada a tha romhpa.

Tha sin a’ fagail bearn no dhà air a’ chomataidh airson tidsearan ùra a thighinn nar cuideachd às a seo a-mach. Ged a tha beagan obair ann do dhaoine a bhios a’ gabhail pairt ann an comataidh, chan eil an obair gun tlachd agus gu dearbha fhèin tha e uabhasach tlachdmhor a’ cur barrachd eòlas air na tidsearan a bhios a’ frithealadh na coinneamhan. Mura biodh sin, cha bhithinn fhìn air leantainn ris cho fada! Tha mi mothachail gu-ta gu bheil beatha-sgoile aig tidsearan a’ fàs nas trainge gach latha agus tha e doirbh do chuid

faighinn às an sgoil gus tachartas mar an t-Alltan a fhrithealadh. Mar sin bu choir dhuinn ‘s dòcha barrachd oidhirp a dhèanamh ann a bhith a’ toirt cuireadh do thidsearan tighinn air a’ chomataidh on seo a-mach. Tha fios againn gun còrdadh e gu mòr ri tidsearan agus gum faigheadh iad a cheart uidhir à CLAS sa bhiodh iad a’ cur ris. ‘S e cothrom agus tlachd a th’ann a bhith mar phàirt de ChLAS agus tha mise glè thoilichte gu bheil mi mar phàirt dheth.

Mòran taing airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.

Catriona Nic a’ Phì

Cathraiche, Comann Luchd-Teagaisg Àrd-sgoiltean.

 

Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhligbng

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a’ leudachadh air na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.   Fiosrachadh am fad an-seo:

http://www.gaidhlig.org.uk/bord/home-2/co-chomhairleachadh-dreachd-den-stiuireadh-reachdail-airson-foghlam-gaidhlig

**Tha an co-chomhairleachadh a’ dùnadh a-maireach (1 Samhain 2016)**

 

Goireasan airson Compiutaireachd

Tha goireasan ann an Gàidhlig airson compiutaireachd aig ìre bun-sgoil air làrach CAS Barefoot:  http://barefootcas.org.uk/my-curriculum-scotland/

 

Basic CMYKFiosrachadh bho Foghlam Alba mu mheasadh ann an Gàidhlig

https://blogs.glowscotland.org.uk/glowblogs/eslb/2016/09/11/assessing-progress-and-achievement/

 

Teisteanas Ceannardais Gàidhlig

http://www.socialenterprise.academy/scot/whats-on/gaelic-medium-leadership-award-142

Advertisements

Coinneamh Bhliadhnail CLAS 2016

A Chàirdean choir,

 

Coinneamh Bhliadhnail CLAS 2016

Tha mi sgrìobhadh a leigeil fios dhuibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail CLAS a chumail aig An Alltan air Dimàirt 27 An t-Sultain aig 7.30 feasgar.

Tron bhliadhna a chaidh seachad, tha CLAS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil aca agus a thaobh deuchainnean agus cùrsaichean ùra. Tha a’ bhuidheann gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

Mar sin, thathas a’ cur cuireadh thugaibh a thighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs agus bhur beachdan fhaighinn airson na thèid a dhèanamh an ath bhliadhna. A bharrachd air a seo, ‘s e cothrom math CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich am bliadhnasa, tha ballrachd an asgaidh ann dhuibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh.  Bidh fàilte chridheil romhaibh!

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

 

Leis gach deagh dhùrachd

Alison Cheanadach

Rùnaire CLAS

clas-agm-2016

litir-agm-2016

Aithisg Bhliadhnail 2015

Gheibh buill ChLAS air aithisg bhliadhnail a’ chathraiche a Mionaideanleughadh an-seo: Mionaidean.

 

Facal-faire

Tha facal-faire aig gach ball.   Ma dh’fheumas sibh facal-faire as ùr, cuir fios thugainn.

 

 

Coinneamh Bhliadhnail CLAS

CLAS logoGu: Ballrachd CLAS

An t-Sultain 2015

A Chàirdean choir,

Coinneamh Bhliadhnail CLAS

 

Tha mi sgrìobhadh a leigeil fhaicinn dhuibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail CLAS a chumail aig An Alltan air Dimàirt 29 An t-Sultain aig 7.30 feasgar. 

 

Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS a-rithist air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil aca agus a thaobh deuchainnean agus cùrsaichean ùra. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

 

Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh a thighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt a thaobh na bliadhna a th’ air thoiseach. Mar a bhios fios agaibh, ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

 

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!

 

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

Leis gach deagh dhùrachd

 

Alison Cheanadach

Rùnaire CLAS

 

Tha pàipearan airson a’ choinneimh Bhliadhnail an-seo:

Mionaidean

 

Aithisg Bhliadhnail (Cathraiche) 2014

Feasgar math dhuibh uile gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-teagaisg Àrd Sgoiltean.Catriona Cathraiche

Tha mi toilichte a leithid fhaicinn an làthair a-nochd agus tha fhios am gur ann air sgàths gu bheil sinn an-seo aig an Alltan gu bheil barrachd ann am bliadhna. Tha mi airson taing a thoirt do Stòrlann sa chiad dol a-mach airson leigeil leinn ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail an seo san Aghaidh Mhòir. Chan e sin a-mhàin, tha iad a’ toirt an cothrom dhuinn thairis air an ath latha no dhà, deich bliadhna de ChLAS a chomharrachadh an seo cuideachd. Tha seo a’ toirt an cothrom do bharrachd buill a bhith an-sàs anns a’ cheann-bliadhna sonraichte seo. Tha e cuideachd a’ sàbhaladh airgead dhuinn…rud a tha gu math cudromach san latha a th’ ann. Mar sin bu chaomh leam taing mhòr a-rithist a thoirt do Stòrlann airson an cothrom agus an cuid fialaidheachd.

‘S e bliadhna eile trang a tha air a bhith aig CLAS, far an robh sinn a’ riochdachadh tidsearan na dùthcha ann an gnothaichean cò-cheangailte ris na deuchainnean ùra, a’ cur air dòigh ar cò-fharpais sgrìobhaidh, a’ sgaoileadh fiosrachadh cudromach tron Bhlog againn, an sàs ann an còmhraidhean le diofar bhuidhnean, a’ cruthachadh goireasan agus gan sgaoileadh tron Bhlog, agus a’ neartachadh an sgeama treòrachaidh againn. Tha seo uile mar dhearbhadh air an cò-obrachadh a tha sinn a’ dèanamh agus tha làn dhùil againn leantainn oirnn leis an obair seo cho fad sa tha e comasach dhuinn.

Ged a tha obair mhòr ann dhuinn aig amannan, tha sinn a’ faighinn tlachd ann a bhith a’ coinneachadh agus a’ dèanamh rudan a tha feumail dhan dreuchd agus dhan na sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, no a tha ag ionnsachadh tron Ghàidhlig. Tha e cuideachd math dhan adhartas proifeisanta againn uile gu pearsanta a bhith a’ cò-obrachadh chun an ìre sa tha sinn. Tha beàrn no dhà gu bhith anns a chomataidh am bliadhna agus nam biodh duine den bheachd gun còrdadh e riutha bhith an-sàs ann an comataidh ChLAS, gheibh sibh an cothrom mus bi an oidhche seachad! Tha e air leth cudromach do bhuidheann mar CLAS gu bheil sinn a’ riochdachadh na s’ urrainn dhuinn de thidsearan, mar sin, mura h-eil sibh nur buill an-drasta, feuch an gabh sibh ballrachd a-mach a-nochd fhèin no anns na beagan làithean a tha romhainn. Mar as motha a tha sinn a’ riochdachadh, ‘s ann as làidire ar guth.

Chan urrainn dhomh bruidhinn am-bliadhna, gun a bhith a’ togail air daoine sònraichte a tha air a bhith taiceil dha rìreabh anns an obair aig CLAS. Chan e a-mhàin na buill air fad, a h-uile duine anns a’ chomataidh, agus muinntir Bòrd na Gàidhlig a tha a’ toirt maoineachadh dhuinn gach bliadhna, ach gu h-àraidh a-nochd, Mairead NicÌomhair a bha bunaiteach ann a bhith a’ cur CLAS air bhonn sa chiad àite agus a dh’fhuirich air a’ chomataidh mar bhall cò-thaghte fad deich bliadhna slàn a’ toirt taic dhuinn. Tha i air a bhith os cionn luach. Tha i a’ dol gar fàgail am bliadhna-sa agus tha sinn a’ guidhe slàinte, gach sonas, agus soirbheachas dhi. Tha i gar fàgail ann an suidheachadh far a bheil sinn an dòchas gun tèid sinn bho neart gu neart. Bha cuideachd Uilleam Dòmhnallach againn mar bhall cò-thaghte faisg air deich bliadhna cuideachd agus ged a dh’fhàg esan tron bhliadhna, cha d’fhuair sinn an cothrom taing cheart a thoirt dha airson an sàr obair agus taic a thug

esan cuideachd dhuinn. Tha sinn buileach mothachail air an ùine a thug daoine mar Uilleam agus Mairead dhuinn airson gun tig piseach air Foghlam Gàidhlig san fharsainneachd anns na h-àrd sgoiltean. Tapa leibh gu dearbha.

Tha e a’ toirt togail dhuinn cuideachd am bliadhna, gu bheil daoine eile nar cuideachd a rinn an t-uamhas do ChLAS. Mura h-eil iad ann a-nochd, tha iad gu bhith ann a-màireach. Tha mi a’ bruidhinn air Cairistìona Walker a bha aig an stiùir anns a’ chiad bhliadhna de ChLAS, mus deach ar stèidheachadh gu foirmeil ann an 2004. Rinn Christina obair ionmholta dhuinn aig an àm sin. Cuideachd Joan Esson a bha na chiad Cathraiche oifigeil aig CLAS, agus a tha fhathast air-leth taiceil dhuinn tro h-obair ann am Foghlam Alba. Raonaid Nic a’Phearsain a bha anns a’ chathair as deidh Joan – tha Raonaid a-nis trang a’ toirt taic do thidsearan ùra ann an Oilthigh Shrath Chluaidh, agus Fionnlagh Coineagan a ghabh an stiùir bho Raonaid. Gu mì-fhortanach, cha bhith Fionnlagh comhla rinn an-dràsta bhon tha e fhèin air fhàgail aig an stiùir anns an sgoil aige. Bu chaomh leam taing mhòr, mhòr a thoirt dhan h-uile neach sin airson am pàirt cudromach a chluich iad (agus gu bheil iad fhathast a’ cluich!) ann am beatha CLAS.

Tha mi an dòchas gun cord na làithean aig an àlltan ribh am biadhna, gun ionnsaich sibh sgilean ùra, gun coinnich sibh ri caraidean sean agus ùr…agus gun tig sibh an sàs ann an obair Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean.

Mòran taing dhuibh uile airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.

Coinneamh Bhliadhnail 2014

A’ CHOINNEAMH BHLIADHNAIL

Dimàirt 30 An t-Sultain 2014, 8-9f

An t-Alltan, An Aghaidh Mhòir

Litir AGM 2014

CLAS AGM Clar Chuisean 2014

IMG_5107