Category Archives: Co-fharpais

Co-fharpaisean ChLAS 2016

Fiosrachadh mu Co-fharpais ChLAS

A charaid choir,

Thathar an dòchas gun urrainn dha na sgoilearan agaibh pàirt a ghabhail ann am farpais ChLAS am-bliadhna. Tha sinn airson ’s gun cuir sibh thugainn na 10 pìosan sgrìobhaidh as fheàrr bho gach clas a th’ agaibh ann an AS1-AS3.

Gheibh a h-uile sgoilear a chuireas a-steach pìos sgrìobhaidh teisteanas.

Dèanaibh cinnteach gu bheil na leanas air gach pìos sgrìobhaidh:

Ainm an sgoileir

Aois agus clas

Ainm na sgoile

Seòladh na sgoile

’S urrainn dhuibh na pìosan sgrìobhaidh a chur thugam tron phost no ann am post-d aig na seòlaidhean a leanas:

Kirsten NicDhòmhnaill

Àrd-sgoil Thobar Mhoire

Tobar Mhoire

Muile

PA75 6PB

Kirsten.Mcdonald@argyll-bute.gov.uk

Fòn: 01688 302062

Bu toigh leam na pìosan sgrìobhaidh uile fhaighinn ro Dhihaoine 10 An t-Ògmhìos.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, dìreach leigibh fios thugam air an àireamh gu h-àrd no air post-d.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuaibh!

Dùrachdan

Kirsten NicDhòmhnaill

Duilleagan fiosrachaidh

 

Advertisements

Litir bho Bombadd Publishing

Bombadil Publishing - teagasgairean Gàidhlig

Bombadil Publishing – teagasgairean Gàidhlig(Cruth PDF)

Co-fharpais ChLAS 2015

Co-fharpais ChLAS 2015CLAS logo 70%

 

A charaid chòir,

 

Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna.  Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.

 

’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

 

Luchd-ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Sophie Forsyth, Àrd-sgoil Loch Abair

An Dàrna Duais – Raonaid Chaimbeul, Sgoil Sir E Scott

An Treas Duais – Kirstyn Rowantree, Àrd-sgoil Àird nam Murchan

 

 

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Hallie Miles-Shinnie, Àrd-sgoil Phort-Rìgh

An Dàrna Duais – Ruairidh Cormaig, Acadamaidh Inbhir Pheofharain

An Treas Duais – Uilleam MacDhughaill, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.

 

Tha fiosrachadh air a dhol gun a sgoiltean seo a-nis.

Tha leabhran beag le na pìosan sgrìobhaidh aca uile an-seo: https://clas123.wordpress.com/159-2/  (feumar facal-faire)

 

Dùrachdan,

 

Kirsten NicDhòmhnaill

 

Co-fharpaisean 2015

Co-fharpaisean 2015

S1 & 2 Gaelic Writing Competitions

 

Tha Comann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean (CLAS)  a’ ruith co-fharpaisean sgrìobhaidh do sgoilearan air a’ chiad agus an dàrna bliadhna anns an àrd-sgoil.  Tha aig sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig ri sgrìobhadh mu na caraidean aca no ri sgrìobhadh mu na rudan is toigh leotha agus nach toigh leotha.  Thathas air iarraidh air sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sgrìobhadh mu ‘An consairt’  no  ‘Beatha air planaid eile’.  Faodaidh gach sgoil na 10 pìosan as fheàrr bho na clasaichean aca a chur air adhart airson na co-fharpaisean ro Dhiluain 8 An t-Òg Mhios.  Tha am fiosrachadh air fad mu na co-fharpaisean an-seo:  www.clas123.wordpress.com/co-fharpaisean

 

Comann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean (CLAS), the professional association for Gaelic secondary teachers, is running Gaelic writing competitions for Gaelic Medium and Gaelic Learners in S1 & 2.  Gaelic Learners are being asked to write about their friends or their likes & dislikes.  Students in Gaelic Medium are being asked to write about ‘A concert’ or ‘Life on another planet’.  Each school can submit the 10 best pieces from each of their classes before Monday 8 June.  Further details are available here: www.clas123.wordpress.com/co-fharpaisean