Category Archives: Co-fharpaisean

Naidheachdan bho ChLAS 10/2016

Naidheachdan bho Chomann Luchd-Teagaisg Luchd-Teagais

Aithisg Bhliadhnail a’ Chathraiche 2016clas

Feasgar math dhuibh uile agus fàilte gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean. Tha sinn air leth toilichte a bhith aig an Alltan a-rithist airson coinneachadh agus bu chaomh leam taing a thoirt gu Stòrlann airson an cuid fialaidheachd ann a bhith a’ cur rum air doigh dhuinn.
Tha sinn air a bhith an sàs gu soirbheachail ann an iomadh rud a-rithist am bliadhna. Tha an co-fharpais sgriobhaidh againn a’ dol bho neart gu neart le meudachadh anns an àireamh de sgoilearan a tha a’ gabhail pàirt.

Tha tidsearan air a bhith an sàs anns an sgeama treòrachaidh againn a-rithist am bliadhna, agus tha sinn air beachdan thidsearan a thogail gu làidir agus gu tric.

Chosg sinn latha as t-samhradh a’ cruthachadh fiolm gus CLAS a shanasachadh. Aig an aon àm fhuair sinn fhìn beagan a bharrachd eòlas air fiolmadh agus tha sinn an dòchas taic a thoirt do thidsearan no do sgoiltean eile, ann a bhith a’ dèanamh filmichean iad fhèin a bhiodh nan goireasan do thidsearan.

Bha CLAS air an riochdachadh aig coinneamh airson an e-sgoil ùr a tha gus fosgladh agus tha seo mar chomharra air cho taiceil sa tha CLAS a thaobh beachdan thidsearan.

Bu chaomh leam togail a-nochd air cho taiceil sa tha muinntir a’ chomataidh air a bhith tron bhliadhna mu dheireadh agus dha rìreabh tro iomadach bliadhna a chaidh seachad. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil CLAS air a ruith le tidsearan, airson tidsearan gus ar guthan a dhèanamh nas eifeachdaich. As aonais tidsearan a tha deònach pàirt a ghabhail, bhiodh an obair fada nas duilghe. Tha dithis on chomataidh ris a bheil mi airson taing sònraichte a thoirt seachad a-nochd air sgàths gu bheil iad a’ tighinn bhon a’ chomataidh am bliadhna. Tha Dòmhnall MacLeòid air a bhith ag obair leinn airson 4 bliadhna agus tha e air a bhith air leth taiceil anns an ùine sin le bheachdan, le ghliocais agus leis an eòlas teicneòlach aige. Ghabh e thairis am blog againn agus tha sin a-nis aig ìre far a bheil e na ghoireas agus na mheadhan buileach taiceil dhuinn. A-thuilleadh air Dòmhnall, tha mi airson taing sònraichte a thoirt do Steven Greumach a tha air a bhith na Ionmhasair air a’ chomataidh airson iomadh bliadhna thrang. Chan e Gàidhlig a bha Steven a’ teagasg aig a’ cheann thall ach Maths, ach bha obair a’ chomataidh air còrdadh ris a leithid ‘s gun do lean e air adhart leinn, gar cumail ceart agus a’ cumail suil air na sgillinnean fad bhliadhnaichean. ‘S e Steven a chur am blog againn air bhog anns a’ chiad àite mus do ghabh Dòmhnall ris. Tha iomadh sgil agus tàlant aig Steven a bhios sinn ag ionndrainn gu mòr nuair a dh’fhàgas e. Mar sin, tha mi airson taing oifigeil a thoirt dha Steven agus do Dhomhnaill a-nochd airson an obair a rinn iad còmhla rinn agus bidh sinn a’ guidhe a h-uile soirbheas dhan dithis aca anns na bliadhnaichean fada a tha romhpa.

Tha sin a’ fagail bearn no dhà air a’ chomataidh airson tidsearan ùra a thighinn nar cuideachd às a seo a-mach. Ged a tha beagan obair ann do dhaoine a bhios a’ gabhail pairt ann an comataidh, chan eil an obair gun tlachd agus gu dearbha fhèin tha e uabhasach tlachdmhor a’ cur barrachd eòlas air na tidsearan a bhios a’ frithealadh na coinneamhan. Mura biodh sin, cha bhithinn fhìn air leantainn ris cho fada! Tha mi mothachail gu-ta gu bheil beatha-sgoile aig tidsearan a’ fàs nas trainge gach latha agus tha e doirbh do chuid

faighinn às an sgoil gus tachartas mar an t-Alltan a fhrithealadh. Mar sin bu choir dhuinn ‘s dòcha barrachd oidhirp a dhèanamh ann a bhith a’ toirt cuireadh do thidsearan tighinn air a’ chomataidh on seo a-mach. Tha fios againn gun còrdadh e gu mòr ri tidsearan agus gum faigheadh iad a cheart uidhir à CLAS sa bhiodh iad a’ cur ris. ‘S e cothrom agus tlachd a th’ann a bhith mar phàirt de ChLAS agus tha mise glè thoilichte gu bheil mi mar phàirt dheth.

Mòran taing airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.

Catriona Nic a’ Phì

Cathraiche, Comann Luchd-Teagaisg Àrd-sgoiltean.

 

Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhligbng

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a’ leudachadh air na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.   Fiosrachadh am fad an-seo:

http://www.gaidhlig.org.uk/bord/home-2/co-chomhairleachadh-dreachd-den-stiuireadh-reachdail-airson-foghlam-gaidhlig

**Tha an co-chomhairleachadh a’ dùnadh a-maireach (1 Samhain 2016)**

 

Goireasan airson Compiutaireachd

Tha goireasan ann an Gàidhlig airson compiutaireachd aig ìre bun-sgoil air làrach CAS Barefoot:  http://barefootcas.org.uk/my-curriculum-scotland/

 

Basic CMYKFiosrachadh bho Foghlam Alba mu mheasadh ann an Gàidhlig

https://blogs.glowscotland.org.uk/glowblogs/eslb/2016/09/11/assessing-progress-and-achievement/

 

Teisteanas Ceannardais Gàidhlig

http://www.socialenterprise.academy/scot/whats-on/gaelic-medium-leadership-award-142

Co-fharpais ChLAS 2016

CLAS logoA charaid chòir,

Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna.  Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.

’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

Luchd-Ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Aonghas Fearghasdan, AS3, Àrd-sgoil Àird nam Murchan

An Dàrna Duais – Iseabail Ghlas, AS1, Acadamaidh Chùlodair

An Treas Duais – Niamh Robb, AS1, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Eòin Cuimeanach, AS1, Àrd-sgoil Gheàrrloch

An Dàrna Duais – Laura Penman, AS2, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig

An Treas Duais – Leanne NicFhionghain, AS2, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil

Mealaibh ur naidheachd!

Tha leabhran beag le na pìosan sgrìobhaidh as fheàrr ri fhaighinn an-seo:

https://clas123.files.wordpress.com/2013/05/booklet-2016.docx

Dùrachdan,

Kirsten NicDhòmhnaill

Co-fharpaisean ChLAS 2016

Fiosrachadh mu Co-fharpais ChLAS

A charaid choir,

Thathar an dòchas gun urrainn dha na sgoilearan agaibh pàirt a ghabhail ann am farpais ChLAS am-bliadhna. Tha sinn airson ’s gun cuir sibh thugainn na 10 pìosan sgrìobhaidh as fheàrr bho gach clas a th’ agaibh ann an AS1-AS3.

Gheibh a h-uile sgoilear a chuireas a-steach pìos sgrìobhaidh teisteanas.

Dèanaibh cinnteach gu bheil na leanas air gach pìos sgrìobhaidh:

Ainm an sgoileir

Aois agus clas

Ainm na sgoile

Seòladh na sgoile

’S urrainn dhuibh na pìosan sgrìobhaidh a chur thugam tron phost no ann am post-d aig na seòlaidhean a leanas:

Kirsten NicDhòmhnaill

Àrd-sgoil Thobar Mhoire

Tobar Mhoire

Muile

PA75 6PB

Kirsten.Mcdonald@argyll-bute.gov.uk

Fòn: 01688 302062

Bu toigh leam na pìosan sgrìobhaidh uile fhaighinn ro Dhihaoine 10 An t-Ògmhìos.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, dìreach leigibh fios thugam air an àireamh gu h-àrd no air post-d.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuaibh!

Dùrachdan

Kirsten NicDhòmhnaill

Duilleagan fiosrachaidh

 

Co-fharpais ChLAS 2015

Co-fharpais ChLAS 2015CLAS logo 70%

 

A charaid chòir,

 

Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna.  Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.

 

’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

 

Luchd-ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Sophie Forsyth, Àrd-sgoil Loch Abair

An Dàrna Duais – Raonaid Chaimbeul, Sgoil Sir E Scott

An Treas Duais – Kirstyn Rowantree, Àrd-sgoil Àird nam Murchan

 

 

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Hallie Miles-Shinnie, Àrd-sgoil Phort-Rìgh

An Dàrna Duais – Ruairidh Cormaig, Acadamaidh Inbhir Pheofharain

An Treas Duais – Uilleam MacDhughaill, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.

 

Tha fiosrachadh air a dhol gun a sgoiltean seo a-nis.

Tha leabhran beag le na pìosan sgrìobhaidh aca uile an-seo: https://clas123.wordpress.com/159-2/  (feumar facal-faire)

 

Dùrachdan,

 

Kirsten NicDhòmhnaill

 

Duais Foghlam Gàidhlig

Duais Foghlam GàidhligScottish Education Awards

“Tha Duaisean Foghlam Gàidhlig a’ toirt aithne do sgoiltean is ionadan a tha air cultar agus àrainn  bheothail agus adhartach de shìor ùr-ghnàthachadh a leasachadh.

Bu chòir don chultar agus don fheallsanachd a bhith ag adhartachadh spèis, miann-adhartais agus coileanadh ’s aig an aon àm a bhith a’ leasachadh bhuilean don h-uile neach-ionnsachaidh ann an dòighean a bhios a’ cur às do neo-cheartas.”

Bileagan Fiosrachaidh:

SEA2015_Flyer_Gaelic_

SEA2015_Flyer_Gaelic_Final

Co-fharpais Word Wizard

Word Wizard 2015!

Scotland’s National Centre for Languages and Confucius Institute for Scotland’s Schools, in partnership with The University of St Andrews, are proud to announce the return of Word Wizard for its second year!

Do your pupils like a challenge? Do you want them to:

  • Enjoy learning and have fun?
  • Test their memory?
  • Improve their vocabulary?
  • Represent your school at national level?
  • Win certificates and prizes?

Motivate your French, Gaelic, German, Mandarin and Spanish pupils by signing up now to take part in this spellbinding competition!

Registrations for Word Wizard 2015 have now closed. Please contact scilt@strath.ac.uk if you would like further information.

http://www.scilt.org.uk/S1S3/Celebratinglanguages/WordWizard/tabid/4782/Default.aspx

Stuthan-teagaisg agus Naidheachdan

Stuthan-teagaisg IMG_2851

Tha stuthan-teagaisg air an duilleag ‘Stòrasan’ dha buill ChLAS.

Na measg:powerpoints & duilleagan-obrach airson clasaichean

  • Creideamh & Moraltachd
  • Nuadh-Eòlas
  • Foghlam Pearsanta & Sòisealta
  • Gàidhlig (Fileantaich & Luchd-ionnsachaidh).

Feumar facal-faire airson faighinn gu na goireasan seo. Tha a h-uile ball a’ faighinn facal-faire as ùr gach bliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir post-d thugainn tron làrach.

https://clas123.wordpress.com/159-2

 

NAIDHEACHDAN BHO SCILT (Scotland’s National Centre for Languages) an-seo:

http://www.scilt.org.uk/Default.aspx?tabid=1299

 

Fiosrachadh bho SCILT mu cho-fharpais

“We are now looking for expressions of interest from schools teaching Gaelic learners for our Word Wizard competition.

I would be extremely grateful if you could forward this e-mail to any schools who may be interested in taking part in this competition.

An information pack will be sent to schools who register their interest, and first stage of word lists will then follow.

Please contact my colleague, Alice Lister, to register interest: Alice.lister@strath.ac.uk

Many thanks for helping promote this competition.”

Co-fharpais ChLAS 2014

CLAS logoA charaid chòir,
Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna. Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.
’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

Luchd-Ionnsachaidh
A’ Chiad Duais – Ceiridh NicIllebhràth, Àrd-sgoil Thobar Mhoire
An Dàrna Duais – Raonaid Mhartainn, Sgoil MhicNeacail
An Treas Duais – Kelly NicAoidh, Sgoil Sir E. Scott

Fileantaich
A’ Chiad Duais – Claire Frances NicNèill, Sgoil Bàgh a’ Chaisteil
An Dàrna Duais – John Alasdair Bain, Sgoil MhicNeacail
An Treas Duais – Sophie NicDhòmhnaill, Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig

Meallaibh ur naidheachd!

An cois na litir seo tha leabhran beag le na pìosan sgrìobhaidh aca uile.  (Tha an leabhran ri fhaighinn an-seo:  https://clas123.wordpress.com/159-2/)

Dùrachdan,

Kirsten NicDhòmhnaill

Co-fharpaisean 2013

A bheil clasaichean Gàidhlig agad air a’ chiad no an darna bliadhna?  A bheil iad math air sgrìobhadh?  Tha CLAS a’ ruith  na co-farpaisean seo gach bliadhna.  Tha cothrom aig sgoilearan na sgilean aca a chleachdadh agus ’s dòcha fiùs duais a bhuannachadh.

Cuspairean 2013

Luchd-ionnsachaidh: Mo Charaidean no Is toigh leam / Cha toigh leam

Fileantaich:  “Cogadh” no “An Taghadh”

 DUAISEAN

A’ chiad àite—1st.£50

An dàrna h-àite—2nd.£30

An treas àite—3rd.£20

Feumaidh na pìosan sgrìobhaidh a bhith a-staigh ro Dhiluain 10An t-Òg Mhìos 2013.

Gheibhear barrachd a-mach anns na bileagan seo no air an duilleag Co-fharpaisean gu h-àrd.

Farpais Luchd-Ionnsachaidh 2013

Farpais Fileantaich 2013

Fiosrachadh airson tidsearan 2013

Siuthadaibh!